Facle an latha 10 Dàmhair 2023: GOILE

Eil thu eòlach air Facle? Seo Wordle mì-oifigeil anns a’ Ghàidhlig agus ‘s dòcha beagan nas fhasa air sgàth na riaghailtean sgrìobhaidh.

Tha goile a’ ciallachadh “stamag” no gu meataforach “càil bidhe”. Mar as àbhaist feumaidh mi faighneachd am bi rudeigin inntinneach no neònach ann an DASG agus cha robh briseadh-dùil agam.

is mór an pian do goile super na h’oidhce

Regimen Sanitatis Salernitanum, 16mh linn

Regimen Sanitatis Salernitanum? Ged is mathaid gun deach an teacsa an sgrìobhadh ann am Montpellier bha an sgoil meidigeach ann an Salerno anns an Eadailt cudromach anns na Meadhan Aoisean agus mar sin cheanglaich daoine Riaghailtean na Slàinte ri Salerno.

Bha Clann ‘ic Beatha nan lèighean aig rìghrean na h-Alba, luchd-cinnidh agus Tighearnan nan Eilean agus seo làmh-sgrìobhainn à Vade mecum (= “tiugainn còmhla riumsa”, cruinneachadh teacsaichean feumail) aig Iain MacBheatha. Chaidh an teacsa eadar-theangachadh bhon Laideann agus thar-sgrìobh Aodh Uí Cendainn a bha na sgrìobhadair proifeasanta às an Èirinn a h-uile teacsaichean a bha anns a’ Vade mecum ged nach e lighiche a bha ann.

‘S urrainn dhut barrachd a leughadh air an Internet Archive: Regimen sanitatis : the rule of health : a Gaelic medical manuscript of the early sixteenth century or perhaps older : from the Vade mecum of the famous Macbeaths.